A' dìon raon-laighe Bheinn na Faoghla
- Air fhoillseachadh

Thèid cùmhnant luach £850,000 a chur a-mach gu tairgse le Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, 'son obair a dhèanamh air crìonadh chladaichean aig Port-adhar Bheinn na Faoghla.
Rinn gèiltean milleadh air pìosan talmhainn faisg air a' phort-adhair agus tha HIAL airson dèanamh cinnteach nach tèid cron a dhèanamh air an raon-laighe.
Tha HIAL air mòran obrach a dhèanamh rè nam bliadhnaichean airson an raon-laighe a dhìon.
Thèid an £850,000 a chosg air obair dìon air 400 meatair de thalmhainn air cladach an taobh siar, tuath air an obair a rinnear ann an sin mar-tha.
Tha dùil gum mair an obair mu naoi mìosan.
Feumaidh na tagraichean airson na h-obrach a bhith a-staigh ron 1mh den Dùbhachd.