Àireamh nan traon an Alba air tuiteam
- Air fhoillseachadh

Sheall figearan ùra gun do thuit àireamh nan traon ann an Alba chun na h-ìre as ìsle ann an 14 bliadhna air an t-Samhradh seo.
Thuirt Comann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB) nach deach ach beagan is 850 traon-fireann a chlàradh leotha.
'S e seo an treas bliadhna an sreath a chèile nuair a tha lùghdachadh air tighinn air na h-àireamhan.
Tha an traon am measg nan eun as teirce ann an Alba, a' siubhal eadar Afraga, costa an iar na h-Alba, agus do na h-eileanan air taobh siar agus ann an ceann a tuath na h-Alba.
As t-Samhradh am-bliadhna ge-tà, cha deachd ach 863 traon-fireann a chlàradh mar thoradh air cunntas-bliadhnail an RSPB.
Lùghdachadh
'S e lùghdachadh 17% a th' ann an coimeas ris an aon àm an-uiridh, agus sìos gu mòr bho 2014.
Tha e coltach gu bheil measgachadh air a bhith ann, ann an diofar sgìrean.
Mar eisimpleir ann am Barraigh is Bhatarsaigh, bha na h-àireamhan suas 47%.
Ach aig a' cheart àm, ann am Beinn nam Fadhla bha iad seo sìos 64%.
Tha RSPB na h-Alba ag ràdh gu bheil iad draghail mun lùghdachadh, agus na tha an dàn dhan traon ann an Alba san ùine-fhada.