Poilis a' strì an aghaidh poidseadh fèidh

  • Air fhoillseachadh
Fiadh

Thuirt Poileas Alba gu bheil oifigearan eucoir fiadh-bheatha air a bhith a-muigh a' strì an aghaidh poidseadh fèidh air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Tha na Poilis ag ràdh gum bi Iomairt na Gealaich a' dol chun na Nollaige.

Bidh iad a' dol gu sgìrean far a bheil poidseadh air a bhith cumanta agus tadhlaidh iad air luchd-reic sìthne.

Tha na Poilis ag ràdh gun robh iomairt aca an aghaidh poidseadh fèidh as t-Samhradh a bha soirbheachail.

Chaidh aon duine a chur fo chasaid an uair sin airson losgadh air fèidh a-mach à seusan.