Taighean mì-fhreagarrach?
- Air fhoillseachadh

Faodaidh an t-seòrsa thaighean a tha gan togail ann an àiteachan mar an t-Eilean Sgitheanach droch bhuaidh a thoirt air gnìomhachas turasachd san sgìre.
Sin a rèir àrd-ollamh aig Oilthigh Robert Gordon ann an Obar Dheathain, Gokay Deveci, 's e den bheachd nach eil tòrr de na taighean a tha a' dol an-àirde idir a' freagairt air àrainneachd an eilein.
Bha e ag ràdh gu bheil Alba air pròiseas cudromach fhàgail an urra ri luchd-leasachaidh thaighean, agus gum faodadh e droch bhuaidh a thoirt air turasachd.
Taighean Coimheach
Thuirt e: "Bidh luchd-turais a' tighinn a dh'fhaicinn bòidhchead an àite - gabhaidh na taighean seo a bhith air an togail an àite sam bith, ach cha bhuin iad ri àite sam bith".
Bha Niall MacFhearghais, Ceann-Suidhe Chomann Ailtireachd na Gàidhealtachd ag ràdh: "Chì thu togalaichean agus dh'fhaodadh tu a ràdh gu bheil iad air tighinn sìos às na speuran.
Cion dualchais
"Faodadh tu na taighean sin a chur sìos air an talamh anns an Eilean Sgitheanach no anns an Ruis, no ceann a deas Aimeireaga - agus cha bhiodh fhios agad càite am biodh tu.
"An rud a tha snog airson aon duine, 's dòcha nach eil an duine eile a' faicinn sin cho snog idir."
Bha an t-Àrd-Oll. Gokay Deveci ag ràdh: "Bu chòir ailtireachd a bhith a' foillseachadh chultair is fèin-aithne àite."