Cead ga dhiùltadh airson àite-stòraidh mòr ann an Stèinis
Dhiùltadh cead a thoirt do chompanaidh-togail à Leòdhas a bh' airson gàradh-stòraidh a thogail faisg air Stèinis air iomall Steòrnabhaigh.
Bha còrr agus ceud tagradh an aghaidh a' phlana aig O'Mac agus fhuair a' Chomhairle cuideach dà ath-chuing le faisg air naoi fichead ainm.
Seo Eilidh NicLeòid.