Cha tèid clàr-ama Eastern Airways atharrachadh
Thuirt a' chompanaidh-adhair Eastern Airways nach atharraich iad an clàr-ama aca eadar Steòrnabhagh agus Obair Dheathain mar a dh'iarradh luchd-obrach na h-ola.
Thuirt a' chompanaidh gu bheil barrachd luchd-siubhail a' cleachdadh na seirbhis a-nise.
Tha Comhairle nan Eilean Siar air iarraidh air HIE measadh a dhèanamh air an iarrtas a bhiodh air an t-seirbhis aig diofar amannan dhan an là. Seo Aonghas Dòmhnallach.