Maoin Coimhearsnachd Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh

Tha cothrom aig coimhearsnachdan ann an Earra-Ghàidheal bho Dhiluain tagradh a dhèanamh air loidhne airson taic-airgid fhaighinn bhon Chomhairle.
Bidh Maoin Taic Coimhearsnachd an ùghdarras fosgailte chun an 22mh den Dùbhlachd.
Faodaidh buidhnean suas ri £2,500 iarraidh.
Feumaidh iad innse an seo, taobh a-muigh dè beachd a th' aca is ciamar a bhiodh e gu buannachd na coimhnearsnachd.
Bidh bhòt aig a' phoball sa Ghiblean 2018 dè na buidhnean a gheibh taic-airgid.
Rinn Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid sgeama pìleat roimhe le seo le pròiseictean Gàidhlig.
Rinn 14 pròiseictean tagradh is stòras de £15,000 ann.
Chuir 889 neach bhòt is còig de na pròiseictean a' soirbheachadh air a' cheann thall.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh