Dragh air CnES mu na an dàn do BiFab

'S e buille mhòr a bhios ann ma thèid na cosnaidhean aig Bifab, a tha stèidhichte aig Gàrradh Àranais ann an Leòdhas a chall, a rèir Comhairle nan Eilean Siar.

Tha ceistean mòra mu choinneimh na tha an dàn dhan chompanaidh innleadaireachd.

Thàinig an naidheachd aig an deireadh-sheachdain gur dòcha gu bheil BiFab gu bhith a' dol ann an rianachd, a' cur 600 cosnadh ann an cunnart, le cuid dhiubh sin aig Gàrradh Àranais.

Chuala sinn bho Fhear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.