Sgoil Chanaigh dùinte
- Air fhoillseachadh

Chaidh Sgoil Chanaigh a dhùnadh às dèidh do theaghlach le ceathrar chloinne an t-eilean fhàgail.
'S iad a' chlann aig Gordon is Denise Guthrie a-mhàin a bh' aig an sgoil.
Rachadh an sgoil fhosgladh às ùr nan tigeadh teaghlach eile le cloinn dhan eilean.
Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba gu bheil iad a' meòrachadh air dòighean gus teaghlaichean ùra a thàladh dhan eilean.
Thuirt tè-labhairt bhon Urras gum bi coinneamh ann a dh'aithghearr le Urras Leasachaidh Chanaigh is buidhnean eile.
'S e cothrom a bhios ann, thuirt i, plana a chur adhart 'son suidheachadh Chanaigh a leasachadh san àm ri teachd.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh