Obair a' leantainn aig BiFab

  • Air fhoillseachadh
Gàrradh Àranais

Dhearbh na h-aonaidhean gu bheil luchd-obrach BiFab air aontachadh leantainn orra, ged a tha cunnart ann nach tèid am pàigheadh.

Thuirt aonadh an GMB gur e co-dhùnadh an luchd-obrach a bha seo ann an oidhirp dèanamh cinnteach nach tèid na cùmhnantan a th' aig BiFab a thoirt bhuapa.

Thàinig e am bàrr air an deireadh-sheachdain gu bheil BiFab ann an staing ionmhais is gu bheil iad am beachd a' chompanaidh a chur fo stiùir luchd-rianachd.

Tha còrr is mìle duine ag obair aca aig Gàrradh Àranais agus aig dà ghàrradh ann am Fìobha.

Fo-thiotal,

CnES air sgrìobhadh gu Ministear na Cumhachd mu BiFab

Thuirt BiFab nach eil airgead a' sruthadh thuca mar a bha dùil bho na cùmhnantan a th' aca.

Thuirt iad gu bheil còmhraidhean a' leantainn le Riaghaltas na h-Alba is buidhnean eile is gu bheil iad ag amas air fuasgladh san aithghearrachd gus dìon a chur air obair na companaidh agus an luchd-obrach.

Uallach

Tha Comhairle nan Eilean Siar air sgrìobhadh gu Ministear Chumhachd na h-Alba, Pòl Wheelhouse, a' mìneachadh cho cudromach 's a tha Gàrradh Àranais do dh'eaconamaidh nan Eilean.

"Tha Gàrradh Àranais air a bhith gu math cudromach anns na bliadhnaichean a chaidh seachad a thaobh leasachaidh, is tha sinn an dòchas gum bi e cudromach anns na bliadhnaichean air thoiseach", thuirt Cathraiche Comataidh Leasachaidh na Comhairle, Dòmhnall Crichton.

Fo-thiotal,

Gealltanas bhon Riaghaltas mu Àranais

"Tha sinn air sgrìobhadh gu Pòl Wheelhouse, a' cantainn ris agus ris an Riaghaltas a bhith ag obair còmhla ris a' chompanaidh gus am faigh sinn barrachd soilleireachaidh, is tha sinn an dòchas gum faigh sinn a' chompanaidh tron duilgheadas a th' aca an-dràsta", thuirt e.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil esan air a bhith a' còmhradh ris an Riaghaltas agus ris na h-aonaidhean.

Tha a h-uile duine mothachail, thuirt e, mu cho cudromach 's a tha Gàrradh Àranais dha na h-Eileanan an Iar, is mu cho cudromach 's a tha cumhachd ath-nuadhachail do dh'Alba.

Thuirt Pòl Wheelhouse gun coimhead an Riaghaltas air a h-uile roghainn a th' ann gus BiFab a chuideachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh