Boireannach às a' Ghearasdan a dhìth

  • Air fhoillseachadh
Yvonne HillTùs an deilbh, Police Scotland

Tha na poilis air taic an t-sluaigh a shireadh gus boireannach às a' Ghearasdan a tha a dhìth a lorg.

Chuannachas Yvonne Hill, 31, mu dheireadh ann an sgìre Uddingston ann an Siorrachd Lannraig a Deas mu 4.00f Didòmhnaich.

Dh'fhàg i ann an càr Suzuki Swift dearg le àireamh clàraidh SB11 KPE.

Thathas a' creidsinn gun deach i dhan Aghaidh Mhòir, is gur dòcha gu bheil i a-nise ann an Siorrachd Obar Dheathain, ann am Moireibh no air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt na poilis gu bheil i mu 5′ 8, caol, is le gruag ghoirid.

Dh'iarr na poilis air duine sam bith a chì Yvonne no an càr aice fios a chur orra.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh