Ball mòr Dhùnrath gus falbh
- Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh a tha an urra ri seann ionad niuclasach Dhùnrath ann an Gallaibh a dhì-choimiseanadh air cead iarraidh reactairean an ionaid - am ball mòr ainmeil nam measg - a leagail.
Chaidh iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd cead a thoirt seachad airson ionad stòraidh ùr a thogail airson sgudal niuclasach le ìrean ìosal de rèidio-beò.
Tha dragh ann gum faodadh crìonadh nan cladaichean buaidh a thoirt air na h-ionadan stòraidh a th' ann mar-thà san àm ri teachd.
Tha Leasachadh Làrach Dhùnrath Earranta a' dèanamh tomhas gum faodadh gum biodh eadar 800 is 3,000 bliadhna ann mus tachradh sin.
'S e seo an treas pàirt agus an tè mu dheireadh sa phròiseict gus an t-ionad a thoirt às a chèile.
'S iad seo cuideachd na h-atharrachaidhean as fhollaisiche a bhios ann agus am ball mòr ainmeil ga leagail.
Thuirt Àrd Stiùiriche Dhùnrath, Phil Craig, gur e sàbhailteachd, tèarainteachd agus dìon na h-àrainneachd na prìomh amasan aca an còmhnaidh, às bith dè an obair a tha a' dol aig an làraich.