Taighean ùra an Druim na Drochaid

  • Air fhoillseachadh
Druim na DrochaidTùs an deilbh, Richard Haworth / Geograph

Tòisichidh obair Dihaoine air taighean ùra a thogail ann an Druim na Drochaid.

Tha Comann Taigheadais Albyn a' togail 20 taigh a bhios rim faighinn aig prìs reusanta.

Bidh iad faisg air ionad slàinte ùr a' bhaile.

Bidh a' mhòr-chuid dhiubh rim faighinn air màl do dhaoine a th' air liosta feitheimh na sgìre, le cuid rin ceannachd tro sgeama iasaid.

Tha prìsean air èirigh anns an sgìre is tòrr thaighean cuideachd nan dàrna dachaighean.

Chuir Ceannard Còmhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, a tha cuideachd na comhairliche ann an sgìre Dhruim na Drochaid, fàilte air an naidheachd.

Thuirt i, ge-tà, gu bheil feum air barrachd leasachaidhean mar sin air feadh na Gàidhealtachd.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh