Iarrtas 'son aiseagan Mhuile

Tha iarratas as ùr ann gum bu choir tè de na h-aiseagan a tha a' seòladh eadar an t-Òban agus Muile a chumail ann an Creag an Iubhair tron oidhche.

Mar is trice tha na h-aiseigean, an MV Eilean Mhuile agus an Coir' Uisg' ceangailte aig cidhe an Òbain, ach tha coimhearsnachd Mhuile ag ràdh gum biodh e tòrr na bu ghoireasaiche nam biodh aiseag a' seòladh às an eilean a' chiad char 'sa mhadainn.