Buncair-cogaidh air a' mhargaidh an Inbhir Nis
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur bhuapa buncair-cogaidh an Inbhir Nis a thogar an 1941.
Le ballachan agus mullach tiugh bhiodh am buncair fo-thalamh air seasamh ri na bomaichean bu chumhachdaiche aig an àm.
As deidh an darna cogaidh bha e ga chleachdadh tron chogadh fhuar, 's bho na 80an mar ionad èiginneach airson na Comhairle.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris..