Cuireadh gu CMAL a dh'Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Thèid am bàta ùr an àite an Hebrides.

Chaidh cuireadh dhan bhuidhinn CMAL a thighinn a dh'Uibhist gus mìneachadh dè an clàr-ama a th' ann a-nise airson an aiseig ùir airson slighe Ùige, An Tairbeirt agus Loch nam Madadh.

Tha e air tighinn am bàrr gum bi dàil air a' bhàta.

Bha dùil gun rachadh a thoirt seachad do ChalMac sa bhliadhna ùir.

Tha "trioblaidean mòra einnsinnìridh" air maill a chur air, ge-tà, is tha dùil nach bi am bàta deiseil gu 2019.

Tha dàil cuideachd air aiseag ùr Arainn.

Thèid an MV Glen Sannox a chur air bhog Dimàirt, ach cha bhi i deiseil as t-Samhradh 2018 mar a bha dùil.

Gheall Ministear na Còmhdail, Humza Yousaf, gum bi rannsachadh ann mun chùis.

Uaine

'S iad seo na ciad bhàtaichean-aiseig den leithid a th' air an togail ann am Breatainn, 's iad a' ruith gach cuid air gas lionnach nàdarra, agus ola gas mara.

Thuirt an Comh. Uisdean Robasdan, nach eil an dàil na h-iongnadh dha duine beò.

Dh'innis e gur dòcha gum bi buannachd ann ann an dòigh, is barrachd ùine ann na leasachaidhean a tha a dhìth aig cidhichean an Tairbeirt is Loch nam Madadh mu choinneimh a' bhàta a dhèanamh.

Ach thuirt e gu bheil feum air soilleireachadh.

"Tha sinn air fiathachadh a chur gu CMAL, air an àrd-oifigear aca, a thighinn a dh'Uibhist agus bruidhinn mu dheidhinn na dàil agus cuideachd an clàr-ama ùr a thoirt dhuinn, cuine bhios e deiseil", thuirt an Comh. Robasdan.

Thuirt e cuideachd gum bu chòir an MV Isle of Arran a chur air an t-slighe eadar Ùige, An Tairbeart agus Loch nam Madadh nuair a bhios an Glen Sannox a' tòiseachadh eadar Arainn is Tìr-Mòr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh