Plana airson ceum mara ann an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Ceum MaraTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar

Tha plana airson ceum mara ann an Steòrnabhagh air cuairt dheireannach farpais nàiseanta a ruighinn.

Ma shoirbhicheas le Comhairle nan Eilean Siar ann am farpais Dhealbhachadh Bhailtean na h-Alba ri Teachd, thigheadh airgead leasachaidh na chois.

Tha planaichean ann airson ceum mara a bhiodh a' ceangal Caladh Steòrnabhaigh ri meadhan a' bhaile.

Bhiodh na molaidhean a' dèanamh ceangail eadar leasachaidhean a th' ann am meadhan a' bhaile mar thà, a thuilleadh air a bhith a' toirt chothroman seachad airson leasachaidhean ùra ann an sgìrean nach eil gan cleachdadh.

Thathas airson 's gum bi Steòrnabhagh nas fheàrr do luchd-coiseachd agus luchd-baidhsagail, le slighe ùr ann bhon bhaile dhan cheum mhara.

Am measg eile, tha molaidhean ann airson clàran amhairc a chur aig a' chala.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, gum feum barrachd a bhith air a dhèanamh leis a' chala.

''Tha planaichean air a bhith ann 'son bliadhnaichean airson ceangal a dhèanamh eadar Baile Steòrnabhaigh agus taobh na mara, far a bheil tòrr eachdraidh.

''Tha am plana seo a' dol a thogail ìomhaigh a' bhaile sna bliadhnaichean air thoiseach oirnn.

''Bhithinn an dòchas gum biodh seo a' ceangal a-steach ris na planaichean a th' aig Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh agus na planaichean a th' aig Ùghdarras Steòrnabhaigh airson a' Ghearraidh Chruaidh.

''Chanainn sa phlana lèirsinneach, gum bi an t-àite seo nas fhosgailte airson a' phobaill agus airson luchd-turais a bhith a' dol timcheall Steòrnabhaigh, timcheall a' chala gu lèir agus fiù 's ceangal a dhèanamh leis a' Ghearraidh Chruaidh, tha sinn an dòchas, anns na bliadhnaichean air thoiseach.''

''Tha sinn an dòchas gum bi na planaichean seo ceangailte ri fàs san eaconamaidh a thaobh turasachad, le turasachd dha na h-eileanan a' dol an-àirde a h-uile bliadhna.''

Thèid bhòt phoblach, taobh a-muigh a chumail airson farpais Dhealbhachadh Bhailtean na h-Alba ri Teachd eadar an 20mh-26mh den t-Samhain.