Dh' fhaodadh tubaistean railidh a bhith ''air an seachnadh''

  • Air fhoillseachadh
Tubaist

Tha Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir mu dhà ralaidh chàraichean ann an Alba, far an do chaill ceathrar am beatha, ag ràdh gum bu chòir trèanadh sònraichte a bhith aig marsalan ann a bhith a' stiùireadh 's a' toirt comhairle air luchd-amhairc.

Tha an aithisg cuideachd a' moladh gum bu chòir luchd-amhairc a chumail air falbh bho àiteachan air a' chùrsa far am faodadh cunnart a bhith ann.

Chaidh triùir a mharbhadh aig Railidh Jim Clark sna Crìochan ann an 2014 agus chaill boireannach às an Eilean Sgitheanach a beatha aig Railidh an Snowman faisg air Inbhir Nis ann an 2013.

Bhàsaich Iain Provan, 64, Ealasaid Allan, 63, agus Len Stern, 71 aig Railidh Jim Clark.

Chaidh Joy Robson, 50, às an Eilean Sgitheanach, a mharbhadh aig Railidh an Snowman a' bhliadhna ron sin.

Thuirt an siorram Coinneach MacÌomhair nach robh dad ann a dh' fhaodadh a bhith air a dhèanamh gus stad a chur air bàs Joy Robson aig Railidh an Snowman.

Ach, thuirt e gum faodadh na tubaistean aig Railidh Jim Clark a bhith air an seachnadh nam biodh luchd-amhairc air an casg bho sgìre a bha gu tuath air drochaid Leet.

Molaidhean

Fhuair an rannsachadh, taobh a-muigh gun robh an ceathrar aca air bàsachadh le ''grunn lotan'' às dèidh do chàr bualadh unnta.

Thug an siorram grunn mholaidhean seachad, nam measg:

  • bu chòir fiosrachadh mionaideach a thoirt gu marsalan aig a h-uile railidh gus am bi fios aca mu sgìrean a tha toirmisgte

  • bu chòir do co-dhiù aon chàr-sàbhailteachd a bhith ann gus dèanamh cinnteach gu bheil na sgìrean toirmisgte air an comharrachadh

  • bu chòir do dhaoine a tha a' cur railidhean air dòigh clàr a chumail de thubaistean, neo tachartasan a bha ''cha mhòr'' nan tubaistean gus an tèid aca air sgìrean a dhearbhadh far am faodadh luchd-amhairc a bhith ann an cunnart

  • bu chòir trèanadh sònraichte a bhith aig marsalan ann a bhith a' stiùireadh 's a' toirt comhairle air luchd-amhairc

''Cho sàbhailte 's as urrainn''

Thuirt teaghlach Joy Robson nach ann airson stad a chur air railidhean a bhathas ag iarraidh seo, ach airson piseach a thoirt air sàbhailteachd do luchd-amhairc.

''Bha clann Joy an còmhnaidh a' creidsinn gur e Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir an dòigh as fheàrr seo a dhèanamh, leis gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air fianais agus dhèigheadh molaidhean a thoirt seachad", thuirt fear-labhairt 'son an teaghlaich.

''S e àm gu math doirbh a tha seo dhaibh ach tha iad airson dèanamh cinnteach nach tachair seo do theaghlach sam bith eile agus gum bi railidhean cho sàbhailte 's as urrainn dha bhith don luchd-leanntainn", thuirt e.