Casg air seirbheisean-breith aig Ospadal an Ath Leathainn
- Air fhoillseachadh

Tha NHS na Gàidhealtachd air innse gu bheileas air casg a chur air seirbheisean-breith aig Ospadal an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach.
Thuirt iad nach bi seirbheis nam mnathan-glùine ri fhaotainn às dèidh 5:00f nas motha.
Mairidh an casg seo fad mìos co-dhiù, le boireannaich aig a bheil dùil ri leanabh eadar seo is deireadh na bliadhna air an cur gu ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur e suidheachadh eadar-amail a tha seo.
Dh'innis iad nach eil boireannaich ann, aig an ìre-sa, a tha an dùil ri leanabh san aithghearrachd ann an Aonad Màthaireil an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, neo aig an taigh.
Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gum bi na seirbhisean-breith 'son a' chòrr den Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse a' leantainn mar bu chòir eadar 9:00m agus 5:00f seachd là san t-seachdain, ach a' mhàin taobh a-muigh nan uairean obrach àbhaisteach.
Gainnead luchd-obrach
Thuirt Sarah NicLeòid, àrd bhean-glùine airson an Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse, gur e mar a tha barrachd luchd-obrach na bha dùil far an obair agus dreuchdan bàna a tha ag adbhrachadh na trioblaid.
''Nì sinn cinnteach gu bheil fios aig boireannaich san sgìre mun t-suidheachadh agus iarraidh sinn orra fios a chur air aonad màthaireil an Rathaid Mhòir nas tràithe ma bhios taic a dhìth orra.
''Thèid fios a chur air na boireannaich gu lèir a tha clàraichte aig Aonad Màthaireil an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse mun a' chùis agus thèid litir a chur thuca gus a h-uile dad a mhìneachadh.
''Bi tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn air na meadhanan sòisealta.
''Tha NHS na Gàidhealtachd airson leisgeul a thabhann. 'S e co-dhùnadh doirbh a th' air a bhith ann agus tha sinn an dòchas gun tuig daoine carson a rinn sinn seo,'' thuirt i.