Geama Chaley Thistle dheth

  • Air fhoillseachadh

Chaidh an geama eadar Caley Thistle is Brechin City oidhche Mhàirt a chur dheth.

Bha Inbhir Nis ag amas air na trì puingean is iad gun call ann an 7 geamaichean.

Bha uisge trom sa bhaile fad an là Dimàirt, ge-tà, is tha an cluba a-nise air innse nach tèid an geama air adhart.

Bidh an ath-gheama aig ICT ann Disathairne an aghaidh St Mirren aig an taigh.