Buaidh nan gèadh ga deasbad
- Air fhoillseachadh

Chuala coinneamh ann am Beinn nam Fadhla gu bheil na geòidh "a' toirt an tlachd a-mach à croitearachd".
Chuala coinneamh ann an Uibhist gu bheil buaidh nan gèadh a' toirt an tlachd a-mach à croitearachd, agus gu bheil barrachd airgid a dhìth airson dèiligeadh riutha.
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' tomhais gu bheil mu 5,000 gèadh glas ann an Uibhist, ach tha croitearan an eilein a' dèanamh dheth gu bheil tòrr a bharrachd na sin ann - eadar geòidh ghlasa agus na cathain.
Thàinig sgeama spadaidh còig bliadhna gu ceann bho chionn greis, agus tha SNH ag iarraidh air croitearan molaidhean ùr a chur air adhart air mar a ghabhas smachd a chumail air àireamh nan eun.
Fuasgladh maireannach
Thuirt fear de chroitearan an eilein, Alasdair Dòmhnallach, nach ann orra-san a bu chòir uallach a bhith airson freagairt a lorg.
"Tha còir aca a bhith a' coimhead às dèidh nam machraichean gu h-àraidh - an àrainneachd - sin a tha iad a' coimhead às a dhèidh. Aig deireadh an là tha iad toilichte gu leòr suidhe air ais agus leigeil leis na geòidh an àrainneachd a thoirt às a chèile".
"An ceann deich bliadhna, mura dèan iad rudeigin mu dheidhinn seo gu math clubhar, chan eil dad gu bhith air fhàgail an seo - cha bhi duine 'son a bhith ag obair leis".
Thuirt Eileen Stiùbhairt bho SNH gu bheil iad ag aithneachadh na trioblaid a tha na geòidh a' dèanamh agus gu bheil iad a' feuchainn ri obrachadh còmhla ri buidhnean ionadail airson smachd fhaighinn air àireamh nan gèadh glasa, agus gu bheil sin air a bhith glè shoirbheachail.
Thuirt e gu bheil obair a dhìth a-nis airson fuasgladh maireannach fhaighinn.
Tha £4,000 ri fhaighinn airson cuideachadh le plana ùr - ach bha gearan ann mu cho beag 's a tha an suim sin.
Gheall Àrd-Oifigear Chaidreachas Croitearachd na h-Alba, Pàdraig Krause, barrachd airgid iarraidh bhon Riaghaltas.
Dh'iarradh an Caidreachas gun leanadh an sgeama-spadaidh - far an robh daoine gam pàigheadh airson losgadh air na geòidh - anns an eadar-ama.