Briseadh-dùil mu Thatù na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Taisbeanadh
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an Tatù ann fad ceithir bliadhna.

Tha Comhairle na Gàidhealachd ag ràdh gu bheil e na bhriseadh-dùil dhaibh nach tèid Tatù na Gàidhealtachd a chumail a-rithist anns an aithghearrachd, 's gun gu leòr ga fhrithealadh.

Chaidh an tachartas a chumail aig Dùn Deòrsa anns na ceithir bliadhna a dh'fhalbh, le leithid taisbeanaidhean le itealain an RAF, ceòl agus dannsa.

Thadhail còrr is 6,000 duine air an Tatù am-bliadhna - barrachd na an-uiridh - ach fada goirid air an 8,000 air an robhas ag amas.

Thuirt fear de chomhairlichean Inbhir Nis, Ailig Greumach, gur e fìor thamailt a th' ann nach bi e ann tuilleadh.

"Cha robh iad buileach a' faighinn na h-àireimh luchd-amhairc a bha iad a' sùileachadh ... agus tha mi a' smaoineachadh gun robh feum aca cuideachd air sponsair làidir 's math dh'fhaoidhte bhon roinn phrìobhaidich a bheireadh taic dhan Tatù."

Thuirt e gun robh coltas ann gur e airgead agus àireamhan an dà thrioblaid.