Mì-thoileachas mu sheirbheisean fiaclaireachd
- Air fhoillseachadh

Nochd an tuilleadh mhì-thoileachais mu sheirbheis fhiaclaireachd Uibhist aig coinneimh phoblaich ann an Loch Baghasdail oidhche Mhàirt.
Tha Bòrd Amalaichte nan Eilean Siar is Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' dèanamh ath-sgrùdaidh air an t-seirbheis an-dràsta.
Tha iad airson na seirbheisean a th' ann a thoirt còmhla ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh ann am Baile Mhanaich.
An-dràsta, tha ionadan ann an Loch nam Madadh is ann an Lionacleit.
Chaidh ionad Loch Baghasdail a dhùnadh na bu tràithe am-bliadhna air sgàth staid an togalaich, ged a bha mì-thoileachas mòr anns an sgìre mun cho-dhùnadh sin.
Ceistean
Nochd còrr is 60 duine aig a' choinneimh ann an Loch Baghasdail oidhche Mhàirt.
A rèir Aonghais Dhòmhnallaich, a bha an làthair, bha glè bheag de thaic ann dha na molaidhean.
"Thug iad seachad taisbeanadh mun 'hub' a tha seo is na buannachdan a bha gus a bhith aca.
"Cha robh duine a' gabhail ris, 's a h-uile ceist a bhathar a' faighneachd, cha deargadh iad air freagairt a thoirt seachad", thuirt e.
Thuirt Mgr Dòmhnallach cuideachd gu bheil dragh air daoine gun deach co-dhùnadh a dhèanamh mar-thà, co-chomhairle ann no às.
Buannachdan
Tha Bòrd Amalaichte nan Eilean Siar ag ràdh gun tèid aca air seirbheis nas fheàrr agus nas seasmhaiche a thoirt seachad aig Ospadal Uibhist is Bharraigh.
Gheall iad nach toireadh seo buaidh air seirbheisean ospadail eile.
Dh'innis iad cuideachd gun cuireadh iad air dòigh seirbheis shònraichte do sheann daoine is daoine ciorramach, is gum faigheadh iad cùram san dachaigh.
Thig co-chomhairle air a' phlana gu crìch air an 8mh den Dùbhlachd.
Bidh dà choinneimh phoblach eile ann Diardaoin an 23mh den t-Samhain.
Bidh iad seo ann an Taigh-Òsta an Eilein Duirche eadar 1:00f agus 3:00f agus ann an Talla Chàirinis eadar 7:00f is 9:00f.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Dàmhair 2017
