Rabhaidhean tuile aig tuath
- Air fhoillseachadh

Thug maoim-slèibhe oidhche Mhàirt buaidh air an loidhne-rèile eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse.
Tha rabhaidhean an sàs an ceann a tuath na Gàidhealtachd, agus pàirtean eile de dh'Alba, mu thuiltean, às dèidh uisge fìor throm.
Chomharraich Buidheann Dìon na h-Àrainneachd (SEPA) Gallaibh agus Cataibh mar sgìrean air a bheil seo a' toirt buaidh, a thuilleadh air Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh, na Crìochan agus Arcaibh.
Bha an t-uisge a' laighe air rathaidean Dimàirt, agus dhùin maoim-slèibhe an loidhne-rèile eadar Inbhir Nis agus a' Mhanachainn.
Dh'innis ScotRail nach eil trèanaichean a' ruith eadar Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain.
Rabhadh Sneachda
Thuirt SEPA gu bheil dùil gum bi aibhnichean aig àirde feasgar Diciadain.
Dh'fhoillsich Oifis a' Mhet rabhadh buidhe "bithibh furachail" airson sneachda airson a' chuid as motha de Thìr-Mòr na h-Alba madainn Diardaoin.