Mèirle ann an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis a' rannsachadh às dèidh mar a chaidh suim mhòr airgid a ghoid bho thaigh ann an Inbhir Nis.
Chaidh mothachadh Diluain gun deach bocsa tèarainte a ghoid bhon taigh ann an Abbey Court ann an sgìre na Marc-Innse, ach chan eil cinnt ann cuin a chaidh falbh leis.
Thuirt an Detective Conastabal Jack Weatherall gun deach an duine leis a bheil an taigh, a tha 82, fhàgail gu math troimhe-chèile.
Dh'iarr e air duine sam bith a chunnaic càil amharasach anns an sgìre, neo aig a bheil fiosrachadh, brath a chur thuca, neo gu Crimestoppers mura h-eil iad airson an ainm a thoirt seachad.