Tubaistean aig lùibean Shòbhail
Tha draghan gan togail air na Lochan ann an Leòdhas mun àireamh àrd do chàraichean a th' air a dhol far an rathaid aig lùibean Shòmhail anns a' chola-deug mu dheireadh.
Tha dràibhearan ag ràdh gu bheil rudeigin sleamhainn a' còmhdachadh an rathaid agus ga fhàgail cunnartach.
Tha Catriona NicIllinnein air a bhith a' rannsachadh na cùise.