Aithne oifigeil do bhratach Bharraigh

  • Air fhoillseachadh
Bratach BharraighTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,

Bha iomairt a' dol airson aithne fhaighinn dhan a' bhrataich

Fhuair bratach Bharraigh aithne oifigeil an dèidh iomairt fhada.

Thathas air a bhith a' cleachdadh na brataich, a tha uaine le crois Lochlannach gheal, fad bhliadhnaichean.

An dèidh iarrtais bhon choimhearsnachd tha am Morair Lìomhainn, an Rìgh Seanchaidh, air inbhe oifigeil a thoirt dhi.

Tha ùghdarras aig a' Mhorair Lìomhainn cead a thoirt do choimhearsnachdan brataichean a chleachdadh agus dèanamh cinnteach nach tèid na brataichean a tha air aithne fhaighinn a chleachdadh le coimhearsnachdan eile.

Tha muinntir Bharraigh air a bhith a' cleachdadh na brataich acasan airson ùine a-nis.

Tha iad ga cur air stuth a rinnear san eilean, air bàtaichean iasgaich, air crainn ann an corra àite agus ga cleachdadh aig tachartasan coimhearsnachd.

Chumar coinneamh phoblach ann am Barraigh san Dùbhlachd gus beachd na coimhearsnachd fhaighinn faic an robh iad ag iarraidh cead a shireadh airson aithne oifigeil.

Fhuairear gun robh agus rinnear tagradh na bu thràithe air a' bhliadhna.

Leis an dearbhadh gu bheil aithne oifigeil aig a' bhrataich a-nis tha dòchas ann gun cuir an suaicheantas ri eaconamaidh an eilein.