Fireannach fo chasaid às dèidh mhèirlean an Loch Abar

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach, 20, a chur fo chasaid às dèidh grunn aithrisean de mhèirle ann an Loch Abar.

Chaidh aithris mun duine, nach deach aimmeachadh, a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin agus tha dùil gun nochd e ann an Cùirt an t-Siorraidh anns a' Ghearasdan an ath-mhìos.

Fhuair na Poilis grèim air stuthan coimearsalta agus gnìomhachais mar phàirt den iomairt seo, agus, ged a tha iad air dearbhadh cò dha a bhuineas a' mhòr-chuid dheth, tha iad ag iarraidh air daoine bhon deach stuth a ghoid anns na beagan mhìosan a dh'fhalbh tadhal air Stèisean Poilis a' Ghearasdain neo fònadh thuca air 101.