Goireas domhainn aig caladh Steòrnabhaigh
Tòisichidh obair tollaidh a dh'aithghearr ann an caladh Steòrnabhaigh airson dèanamh a-mach de seòrsa grunnd a th'ann an dà phàirt dhan a' chaladh, mus tòisich obair leasachaidh.
Tha Ùghdarras Port Steòrnabhaigh ag iarraidh goireas domhainn a dhèanamh sa phort, faisg air gàradh Àirinis, airson bàtaichean luchd-turais agus bathair, agus marina iachtaichean ann am Bàgh Newton.
Tha tuilleadh aig Aonghas Dòmhnallach.