Sgrùdadh air a leigeil seachad
- Air fhoillseachadh

Fhuaireas bàta Alasdair MhicLeòid, am Varuna, Diluain.
Thuirt Seirbheis nam Maor-Cladaich gu bheil an sgrùdadh foirmeil airson iasgair à taobh siar Rois air tighinn gu ceann.
Chaidh am bàta aig Alasdair MacLeòid, am Varuna, a lorg air creagan beagan deas air a' Chomraich Diluain.
A dh'aindeoin iomairt mhòir leis na seirbheisean teasairginn cha deach sgeul fhaighinn air.
Thuirt Seirbheis nam Maor-Cladaich gu bheil iad air an sgrùdadh a leigeil seachad gus an tig tuilleadh fiosrachaidh dhan fhollais.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An t-Samhain 2017
