Billy Irving ga shaoradh
- Air fhoillseachadh

Thèid fear às Earra-Ghàidheal, agus còignear Bhreatannach eile, a shaoradh bhon Phìosan sna h-Ìnnseachan, an dèidh do bhritheamh cur às don dìteadh a bh' orra.
Chaidh Billy Irving, a bhuineas don Choingheal, agus na fireannaich eile, a chur an grèim ann an 2013.
Bha iad air a bhith ag obair a' cur dìon air soithichean marsanta bho spùinneadairean.
Chuireadh fo chasaid iad gun robh armachd aca ann an uisgeachan nan Ìnnseachan gun chead - rud a chaidh iad às àicheadh.
Chaidh an dìteadh, agus an cur dhan phrìosan fad còig bliadhna.
Ach chuir cùirt anns na h-Ìnnseachan às don dìteadh Diluain, an dèidh dhaibh ceithir bliadhna a chur seachad fo ghlais.