Naidheachdan 11:00m

Chaidh fear à Earra-Ghàidheal a th' air a bhith anns a' phrìosan anns na h-Ìnnseachan fad còrr air ceithir bliadhna, a shaoradh an-diugh. Bha Billy Irving, às a' Choingheal, air aon de shianar à Breatainn a chaidh a dhìteadh air casaidean co-cheangailte ri armachd 's iad ag obair air bòrd soithich thèarainteachd anns a' Chuan Ìnnseanach. Tha Cùirt an Ath-Thagraidh ann an Chennai air riaghladh gum bu chòir an criutha air fad a bhith air an saoradh. Tha teaghlaichean nam Breatannach air a bhith ag innse mu cho toilichte 's a tha iad leis an naidheachd, agus iad air a bhith ag iomairt airson na fir a shaoradh fad ùine mhòir.

Dh'fhoillsich an Teaghlach Rìoghail gu bheil am Prionnsa Harry agus a leannan Aimeireaganach Meghan Markle air gealladh pòsaidh a thoirt seachad. Bha tòrr fhathannan a' dol thairis air an deireadh-sheachdain gun robh an naidheachd seo an impis nochdadh. Chaidh innse gun tug an dithis seachad gealladh pòsaidh ann an Lunnainn nas tràithe air a' mhìos, agus bidh an dithis a' fuireach ann an Lùchairt Khensington.

Chaidh iarraidh air còrr air 100,000 duine na dachaighean aca fhàgail air Eilean Bali ann an Indonèisia, agus eagal ann gum faodadh bholcàno spreadhadh ann an sin uair sam bith. Thuirt Buidheann Nàiseanta nan Tachartasan Uabhasach gun deach làbha agus creagan a' goil dearg a lorg faisg air mullach Mount Agung. Chaidh port-adhair an eilein a dhùnadh air sgàth ceò agus luath anns an iarmailt.

Sgaoil poilis a tha a' sgrùdadh cùis mhuirt Alasdair MhicUilleim ann an Inbhir Narann fiosrachadh ùr munc chùis. Dh'innis iad tuilleadh mun chèis a chaidh a thoirt dhan bhancair mus deach losgadh air le gunna aig doras a dhachaigh anns a' bhaile bho chionn 13 bliadhna. Thuirt na Poilis cuideachd gu bheil iad a' coimhead air fiosrachadh eile mun ghunna a chaidh a chleachdadh anns an ionnsaigh.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an-diugh a' foillseachadh ro-innleachd a chuireas ri fàs na h-eaconamaidh às dèidh Bhrexit. Mar phàirt den phlana, tha ministearan airson maoineachadh a thàladh gu saoghal an teicneòlais agus saidheans beatha, am measg rudan eile.

Chaochail duine às dèidh do dhuilgheadasan a bhith aige agus e a' dàibheadh far chostaichean nan Crìochan aig St Abb's Head. Chaidh duine, a bha 62, a thoirt air bòrd soithich dhàibhidh madainn Disathairne. Chaidh a sgèith gu Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann, ach chaochail e ann an sin.