Ceist mu phàirc ICT
- Air fhoillseachadh

Tha dithis de sheann chathraichean Chaley Thistle Inbhir Nis air draghan a thogail mu na tha an dàn do phàirc na sgioba às dèidh dha a thighinn a-mach gum bi lìos aig Tulloch Construction fhathast às dèidh dhaibh a' phids agus na stands a thoirt dhan chluba mar thìodhlac.
Chaidh na draghan am meud às dèidh dha a thighinn am bàrr gum bu chaomh le Tulloch pàirc-chàraichean a' chluba a leasachadh.
Ann an litir gu luchd-earrannan, tha Ailean Savage agus Dougie MacIlleBhrath a' faighneachd ciamar a chaidh lìos an stèideim a ghluasad bho Urras Charthannais Chaley Thistle Inbhir Nis.
Chaidh an t-urras a stèidheachadh ann an 2001 gus am faigheadh Tulloch air fiachan luach £2.6m a ghabhail thairis.
Tha iad ag ràdh gum bristeadh ICT dleastanasan le Comhairle na Gàidhealtachd agus an SPFL nan deadh à' phàirc-chàraichean a leasachadh - agus gum faodadh sin an stèideam fhèin a chur ann an cunnart.
Dh'fhaighnich iad cuideachd an do bhruidhinn Comhairle na Gàidhealtachd, mar uachdarain, ris a' chluba mun aonta.
Thuirt Cathraiche ICT, Graham Rae, a th' air a bhith air a' bhòrd bhon Chèitean, gu bheil iad a' sireadh shoillearachaidh mu na nithean seo agus rudan eile.
Cha tuirt Tulloch càil mun chùis fhathast.