An "Chennai Six" saor
- Air fhoillseachadh

(Bhon mhullach, deiseil) Nick Dunn, Paul Towers, Nick Simpson, Ray Tindall, John Armstrong agus Billy Irving
Fhuair sianar Bhreatannach saorsa an dèidh ceithir bliadhna ann am prìosan Ìnnseanach.
Tha Billy Irving às a' Choingheal ann an Earra-Ghàidheal am measg an "Chennai Six" mar a thugar orra.
Thuirt a leannan, Yvonne NicUisdein, a bhruidinn ris air a' fòn sa mhadainn Dimàirt, gu bheil e an dòchas a bhith dhachaigh ron deireadh-sheachdain.
Chaidh an saoradh Diluain bho chasaidean co-cheangailte ri gunnaichean.
Chaidh Billy Irving agus na fireannaich eile a chur an grèim ann an 2013.
Bha iad air a bhith ag obair a' cur dìon air soithichean marsanta bho spùinneadairean.
Chuireadh fo chasaid iad gun robh armachd aca ann an uisgeachan nan Ìnnseachan gun chead - rud a chaidh iad às àicheadh.
Chaidh an dìteadh, agus an cur dhan phrìosan fad còig bliadhna.
Ach chuir cùirt anns na h-Ìnnseachan às don dìteadh Diluain, an dèidh dhaibh ceithir bliadhna a chur seachad fo ghlais.