Misneachd aig leasaichear goilf

  • Air fhoillseachadh
Planaichean an raoin-ghoilf an dèidh atharrachaidhTùs an deilbh, Coul Links
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh dealbhachadh an raoin atharrachadh an dèidh ghearainnean bho luchd-glèidhteachais.

Tha luchd-gnothachais a tha ag amas air raon-goilf connspaideach fhosgladh air machair faisg air Dòrnach an dùil gun tèid aca air faighinn thairis air na cnapan-starra a tha an-drasta a' cur an leasachaidh ann an cunnart.

Tha mòran ghearainnean air èirigh mun phròiseict, a chosgadh suas ri £10m agus a tha san amharc air iomall Euraboil.

Thuirt Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) gu bheil iad mothachail gum biodh an raon-goilf, le 18 toll, na bhuannachd don turasachd san sgìre.

Ach tha iad ag ràdh gum feumar sin a chothromachadh ris an sgrios a dheadh a dhèanamh air 40 acair de mhachair air a bheil comharra glèidhteachais.

Machair a' ChaoilTùs an deilbh, Alison Searl/RSPB Scotland

Ach tha am fear-gnothachais Aimeireaganach, Todd Warnock, den bheachd gur ann a tha SNH san fharsaingeachd taiceil, agus tha e ag iarraidh obrachadh gu dlùth leotha airson fuasgladh fhaighinn dha na nithean a tha a' dèanamh dragh dhaibh.

Tha e a' cur ìmpidh air feadhainn a tha na aghaidh an aire a chur ri co-obrachadh an àite a bhith a' gearain mun leasachadh.

Tha e ag ràdh gum biodh 250 cosnadh ùr an lùib an leasachaidh, 's gum biodh e luach £60m dhan eaconamaidh ro cheann deich bliadhna.

Tha an ùine airson co-chomhairle phoblaich mu na planaichean a' tighinn gu crìch air an 22na là den Dùbhlachd.