Naidheachdan 11:00m
Fhuair sianar Bhreatannach saorsa an dèidh ceithir bliadhna ann am prìosan Ìnnseannach. Tha Billy Irving, às a' Choingheall ann an Earra-Ghàidheal am measg na Chennai Six, mar a thugar orra. Thuirt a leannan, Yvonne McHugh, a bhruidhinn ris air a' fòn anns a' mhadainn an-diugh, gu bheil e an dòchas a bhith dhachaigh ron deireadh-sheachdain. Chaidh an saoradh an-dè bho chasaidean co-cheangailte ri gunnaichean.
Tha trì de dh'ùghdarrasan ionadail na h-Alba ann an cunnart an stòras gu lèir a chosg an taobh a-staigh trì bliadhna a rèir Choimisean nan Cunntasan. Tha an Coimisean ag ràdh gum faodadh Moireibh, Clach Mhanainn agus Ceann a Tuath Shiorrachd Àir, a bhith gun airgead nan tigeadh èiginn orra. Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, gum feumar pàirt den choire a chur air na thug buidseat Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte do dh'Alba.
Thòisich an dàrna earrann den èisteachd phoblaich ann an rannsachadh na h-Alba air droch dhìol chloinne. Am measg na thug fianais dhan chiad phàirt den rannsachadh ann an Dùn Èideann nas tràithe air a' bhliadhna bha feadhainn a dh'fhulaing droch dhìol agus riochdairean nan dachannan agus buidhnean eile a bha a' toirt seachad cùraim.
Thuirt Banca Shasainn gum biodh na bancaichean as motha ann am Breatainn comasach air dèiligeadh ri Brexit mì-rianail. Thuirt am banca gur e seo a' chiad bhliadhna bho 2014 a fhuair na seachd bancaichean as motha uile tro dheuchainn air na sheasadh iad de chuideam ann an èiginn.
Tha an Rùnaire Dùbhlannach airson Brexit, Keir Starmer, ag ràdh gu bheil coltas ann gun do rinn an Riaghaltas dìmeas air Pàrlamaid. Tha na Làbaraich ag ràdh gun deach dubhadh às a dhèanamh air pàirt de dh'aithisgean mu ullachadh airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Tha an Riaghaltas ag ràdh gun deach fiosrachadh a tha cudromach do chor na dùthcha a chumail air ais.
Thèid iarraidh air Bòrd-Stiùiridh NHS na Gàidhealtachd an-diugh tòiseachadh air ath-sgrùdadh air seirbheisean ann an Gallaibh mar dhòigh air cosgaisean a ghearradh. Tha seo a' tighinn agus àireamhan ùra ag ràdh gu bheil dùil gun tèid an t-ùghdarras £19m os cionn a' bhuidseit aca.