Coimisean: chan fheumar tòiseachadh às ùr
- Air fhoillseachadh

Tha Coimisean na Croitearachd a' cumail a-mach gur e mearachd a bhiodh ann tòiseachadh gu tur às ùr le bhith a' dealbhachadh laghan croitearachd.
Nochd am beachd ann am freagairt na buidhne do cho-chomhairleachadh oifigeil an Riaghaltais air a bhith a' dèiligeadh ri Bile ùr Croitearachd.
Tha cuid air a ràdh roimhe, Comhairle nan Eilean Siar nam measg, gum biodh e na b' fheàrr tòiseachadh às ùr.
Tha an Coimisean cuideachd a' togail air comataidhean baile, is iad ag ràdh gu bheil croitearachd air atharrachadh, agus gum bu choir na riaghaltean a thaobh obair nan comataidhean atharrachadh cuideachd.