Faochadh do Chomhairle na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg na tha air fàilte a chur air an naidheachd nach tèid cìsean a bharrachd a chur air buidhnean a tha a' toirt seachad seirbheisean cultarail agus spòrs do dh'ùghdarrasan ionadail.
Bhathas a' moladh faochadh do bhuidhnean gan leithid a stad.
Mhol aithisg Bharclay as t-samhradh gun rachadh cìsean a chur air buidhnean a tha a' toirt seachad seirbheisean cultarail agus spòrs do chomhairlean, mar High Life Highland air a' Ghàidhealtachd.
Bha draghan air nochdadh gum fàgadh sin gun rachadh cuid de sheirbheisean a chall, air neo gun rachadh cosgaisean dhan phoball an àirde.
Dh'innis an Riaghaltas ge-tà nach tèid am moladh seo a chur an sàs.
Chuir Comhairle na Gàidhealtachd is High Life Highland fàilte air sin.
Thuirt a' chomhairle gun robh iad air na draghan a thogail leis an Riaghaltas, is nam biodh seo air a dhol troimhe, gum biodh iad air cha mhòr £2m a bharrachd a chall gach bliadhna aig àm nuair a tha suidheachadh ionmhais glè dhoirbh aca mu thràth.