Moladh fiaclaireachd Uibhist "a' tighinn às a chèile"
- Air fhoillseachadh

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil an argamaid airson seirbheisean fiaclaireachd Uibhist a thoirt còmhla air aon làraich a' tighinn às a chèile.
Tha co-chomhairle ga dèanamh an-dràsta air planaichean airson aon ionad fiaclaireachd a stèidheachadh ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh, a' ciallachadh gun dùineadh na h-ionadan ann an Loch nam Madadh agus Lìonacleit.
"Cha do thachair mi fhathast ri duine sam bith a tha ag aontachadh ris a' mholadh a th' ann," thuirt Mgr Allan.
"Gu sònraichte, chan eil e a' dèanamh ciall airson cuideigin a tha a' fuireach ann an Èirisgeigh, no cuideigin a tha a' fuireach ann am Beàrnaraigh.
"Chan eil mise an aghaidh am bòrd a bhith a' smaoineachadh a-rithist mu dheidhinn nan seirbheisean aca, ach tha tòrr ann an Uibhist a tha a' faireachdainn nach eil an conaltradh a th' ann a' cunntadh airson mòran.
"Chan eil am bòrd ag èisteachd. Agus 's e sin an trioblaid a th' ann leis a' chonaltradh an-dràsta.
"Ach ceist eile, 's e càite am bi an t-seirbheis a' dol às dèidh nan atharrachaidhean a tha seo?
"Am plana a th' ann, 's e gum bi iad ann an Ospadal Uibhist agus Bharraigh.
"Tha tòrr a' togail cheistean a-nis càite am biodh iad a' dol anns an ospadal sin, agus dè bhiodh air chall anns an ospadal às dèidh sin.
"Chan eil freagairtean againn dha na ceistean a tha sin," thuirt e.