Plana sheirbheis fhiaclaireachd Uibhist 'a' tuiteam às a chèile' a-rèir BPA na sgìre
Tha Bòrd Amalaichte nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad a' leantainn a' phròiseas cho-chomhairliche co-cheangailte ri seirbheis fhiaclaireachd Uibhist mar bu chòir.
Tha am bòrd an-dràsta a' sireadh bheachdan air plana ionadan fiaclaireachd Loch nam Madadh agus Lioncleit a dhùnadh agus aon ionad a' stèidheachadh ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh.
Thuirt iad gun dèan iad co-dhunadh deireannach mun chùis an dèidh dhaibh freagairtean a' cho-luadair fhaicinn.
Ach tha ball pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan ag ràdh gu bheil plana a' bhùird a' tuiteam às a chèile agus gu bheil e soilleir nach e seo a tha muinntir Uibhist ag iarraidh.
Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn, Mìcheal MacNèill.