Tuilleadh thaighean air an tuath a dhìth
Bu chòir do dhaoine a tha ag iarraidh dachaidh air màl ann an sgìrean iomallach nan Eilean Siar fios a chur air Buidheann Taigheadais Innse Gall cho luath 's a ghabhas.
Sin beachd cathraiche na buidhne Tormod MacLeòid agus e ag ràdh gun tèid oidhirp mhòr a dhèanamh air tuilleadh dhachannan a thogail ann an coimhearsnachdan taobh a-muigh Steòrnabhaigh.
Tha tuilleadh aig Murray MacLeòid.