RBS a' fàgail inneal ATM am Barraigh
Tha ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gun do gheall Banca Rìoghail na h-Alba inneal ATM fhàgail ann am Barraigh.
Sgrìobh Alasdair Allan gu RBS às dèidh dha thighinn am follais gu bheil meur Bharraigh air an liosda de bhancaichean ionadail a tha iad am beachd a dhùnadh.
Agus tha e fhathast den bheachd gu bheil RBS a' dèanamh dìmeis air coimhearsnachdan iomallach.