Billy Irving air ais ann an Alba
- Air fhoillseachadh

Billy Irving ann an Glaschu Diciadain.
Tha Billy Irving air tilleadh dhachaidh a dh'Alba.
Chuir Mgr Irving, a bhuineas don Choingheal, ceithir bliadhnaichean seachad sa phrìosan anns na h-Innseachan.
Bha e am measg bhuidhinn de sheòlaidearan a chaidh a chur an grèim ann an 2013 fo chasaid iad gun robh armachd aca ann an uisgeachan nan Ìnnseachan gun chead - rud a chaidh iad às àicheadh.
Chaidh an dìteadh, agus an cur dhan phrìosan fad còig bliadhna.
Chuir cùirt anns na h-Ìnnseachan às don dìteadh Diluain seo chaidh, an dèidh dhaibh ceithir bliadhna a chur seachad fo ghlais.
Rainig Mgr Irving Port-adhair Ghlaschu aig tìde-dhiathaid Diciadain.
Thuirt e gu bheil e air a dhòigh a bhith dhachaidh is thug e taing dhan a h-uile duine a chuidich e.
'S e a' chiad duine den 'Chennai 6' a th' air tilleadh a Bhreatainn.
Tha dùil ris a' chòrr Diardaoin.