''Cha tarraing'' Flybe a-mach à slighean gu na h-Eileananan
- Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh adhair Flybe a' gealltainn nach tarraing iad a-mach à slighean eadar Tìr-Mòr agus na h-Eileanan Siar.
Thuirt iad cuideachd gun toir iad piseach air na seirbheisean a tha iad a' tabhann.
Thàinig seo às dèidh dhaibh innse gu bheil an t-seirbheis aca eadar Tìr-Mòr agus Sealtainn a' stad an ath-bhliadhna.
Bhon a chaidh fhoillseachadh gum biodh Flybe agus Loganair a' farpais ri chèile air slighean gu na h-Eileanan Siar agus na h-Eileanan mu Thuath, tha eòlaichean air a bhith a' toirt rabhadh seachad nach biodh gu leòr luchd-siubhail ann airson an dà chompanaidh adhair a chumail a' dol.
Thuirt Flybe cuideachd gun toireadh iad piseach air na seirbheisean aca a dh'Arcaibh.
Dh'innis a' chompanaidh gum foillsich iad na h-atharrachaidhean a tha iad am beachd a dhèanamh air na seirbheisean aca dha na h-Eileanan Siar agus a dh'Arcaibh anns na làithean agus na seachdainean a tha romhainn.