Corp air a lorg ann an Stafainn
- Air fhoillseachadh

Dh'innis na Poilis gun deach corp a lorg Disathairne air taobh sear an Eilein Sgitheanaich.
Thuirt teaghlach Alasdair MhicLeòid, iasgair às a' Chomraich a tha a dhìth, gu bheil iad cinnteach às gur e corp Alasdair a th' ann.
Chaidh bata Mhgr MhicLeòid, 57, a lorg air na creagan gu tuath air a' Chomraich bho chionn cha mhòr trì seachdainean.
Bha an t-einnsean fhathast a' ruith, ach cha robh duine air bòrd.
Chaidh corp a lorg air a' chladach ann an an Stafainn Disathairne.
A' sgrìobhadh air blog, thuirt teaghlach Alasdair MhicLeòid gu bheil iad den bheachd gur e th' ann a rèir an aodaich a bh' air.
Thuirt iad gu do chuir e iongnadh mòr orra gun deach an corp a lorg ann an Stafainn is nach deach sgrùdadh a dhèanamh an sin.
Chan eil fios cinnteach ann fhathast cuine a thèid rannsachadh post-mortem a dhèanamh.