Tubaist mhairbhteach air taobh siar Rois

  • Air fhoillseachadh
An A890Tùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Thachair an tubaist mu 7:20f Là na Sàbaid.

Bhàsaich dràibhear às dèidh tubaist-rathaid air an A890 aig Srath Carrann feasgar na Sàbaid.

Cha robh ach an aon chàr, Audi A3 glas, an lùib na tubaiste a thachair mu 7:20f.

Bhàsaich an draibhear, a bha 42, aig làrach na tubaiste, agus bha an rathad dùinte fad grunn uairean de thìde.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist fios a chur thuca.