Balach-sgoile air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh balach-sgoile a bhàsaich an dèidh tachartais aig Àrd-Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh Dimàirt, ainmeachadh le Comhairle nan Eilean Siar.
Bha Anton Michael 15 bliadhna de dh'aois, agus bha e ann an clas AS4.
Ann am brath a dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar, thuirt iad gu bheil iad mothachail dha na sgoilearan agus an luchd-obrach san sgoil, 's gun deach ceumannan a ghabhail gus taic sam bith a tha a dhìth a thoirt seachad.
Thuirt iad cuideachd gun robh smuaintean bhall na Comhairle le teaghlach Anton.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Dùbhlachd 2017
