An RSPB a' cur an aghaidh raoin ghoilf ùir
- Air fhoillseachadh

Tha na planaichean air sgaradh bheachd adhbharachadh.
Cuiridh Buidheann Rìoghail Dìon nan Eun an gearan aca mu raon ghoilf ùr aig Eurabol, faisg air Dòrnach ann an Cataibh, a-steach Diardaoin.
Tha an RSPB am measg sia buidhnean glèidhteachais a tha a' cur an aghaidh an leasachaidh, a tha ga chur air adhart le dithis fhear-gnothachais Aimeireaganach.
Tha a' bhuidheann a' cumail a-mach gun dèanadh an leasachadh call air àrainneachd anns a bheil gnèithean sònraichte de dh'eòin, dealain-Dè agus lusan a' tighinn beò.
Tha an luchd-leasachaidh, Mike Keiser 's Todd Warnock, a' cumail a-mach ge-tà, gum biodh buannachd mhòr ann dhan eaconamaidh ionadail a thaobh turasachd ma thèid a leigeil air adhart.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An t-Sultain 2017

- Air fhoillseachadh12 An Cèitean 2017
