Soitheach bathair ga slaodadh a Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh

Chaidh loidhne a cheangal eadar soitheach bathair a th' air a bhith gun chumhachd an iar air na Hearadh bho fheasgar Diardaoin, agus bàta-slaodaidh nam Maor-Cladaich.
Chaill am Fame, a bhios a' giùlain biadh èisg, cumhachd mu 5:30f, an iar air Tarasaigh.
A dh'aindeoin gaoithe mhòir, chaidh aig a' chriutha de chòignear air dà acair a chur an sàs gus a cumail ann an uisge domhain fhad 's a bha iad a' feitheamh air na Maoir-Chladaich.
Chuir dà bhàta-teasairginn agus heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh a' mhòr-chuid den oidhche seachad ri taobh, agus a' ghaoth a' ruighinn 50m.m.s.u. aig amannan.

Tha bàta-teasairginn an t-Òib a-niste air tilleadh gu port.
Ràinig bàta-slaodaidh nam Maor-Cladaich, a tha stèidhichte an Arcaibh, an làrach an-diugh sa mhadainn, agus chaidh loidhne a cheangal eatorra, airson a toirt air falbh airson obair-càraidh.
Thathas ga toirt a Steòrnabhagh, an toiseach, ach chan eil fiosrachadh ann fhathast mu càite an tèid a càradh.
Tha bàta-teasairginn an t-Òib a-niste air tilleadh gu port.
Tha bàta-teasairginn Steòrnabhaigh fhathast aig an làraich.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 An Dùbhlachd 2017

- Air fhoillseachadh15 An Dùbhlachd 2017
