"Am Fame" ga slaodadh a Steòrnabhagh
Tha an soitheach-bathair Fame ga tarraing gu cala Steornabhaigh às dèidh dhi cumhachd a chall ann an gèile an iar air na Hearadh.
Bha am Fame, le còignear air bòrd, a' giùlain stuth-bìdh do thuathanas èisg an uair a bhris an einsin aice a-raoir.
Tha luchd iomairt anns na h-Eileanan ag ràdh gu bheil seo a' neartachadh na h-argamaid airson bàta-slaodaidh a bhi stèidhichte air taobh Siar na Gàidhealtachd làn-ùine.
Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach...